Blasad (Excerpts)

An Aisling
Mar a thachair, cha robh agam an t-seachdain sin ach an triùir a bha air clàradh mar-thà. Fear aosta à Sruighlea a bha air tòrr ionnsachaidh a dhèanamh, thuirt e, ged nach bruidhneadh e a-mach idir, ach a sgrìobh sìos a h-uile rud a thuirt mi ann an sgrìobhadh beag bìodach nach gabhadh leughadh air ais, boireannach mu aois dà fhichead a bhiodh a’ gearan fad an t-siubhail gun robh i fuar no gun robh an solas a’ cur dragh oirre, agus a chuir ceistean orm fad an t-siubhail nach robh a’ buntainn ris a’ chuspair a bha fa-near dhuinn, agus fear òg air an robh feusag is fèileadh coltach ri Braveheart.
“Mel Gibson’s got a lot to answer for,” thuirt mi ri Tom, a’ gabhail cupa cofaidh còmhla ris air an Dimàirt. “Dè thug air an duine ud èideadh mar sin a chur air?” leugh tuilleadh / read more

Cho Snog ’s a tha thu
Bha a beul tioram, ach cha robh i airson dad a bharrachd òl. Bha iad air a bhith a’ lìonadh a glainne le champagne fad na h-oidhche agus cha robh tomhas aice air cia mheud aonad a ghabh i mar-thà, agus air stamag fhalamh cuideachd. Shuath i a làmhan air sìoda mìn a sgiorta a-rithist. Carson a bha a basan cho fliuch?

Thug i sùil air Daibhidh, ri a taobh, air a ghlacadh leis a’ bhidio a bha a’ tighinn gu crìch air an sgàilean mhòr, ’s a h-uile duine a’ bualadh am basan le fuaim mar an tàirneanach.
‘Agus tha an duais airson app sòisealta na bliadhna a’ dol gu …’ leugh tuilleadh / read more

San Dùthaich Ùir
Chan eil cuimhne agam air an t-seann dùthaich, an dùthaich san do rugadh mi. Bha mi glè òg nuair a dh’fhalbh sinn, mi fhìn ’s mo phàrantan, mo bhràthair mòr agus piuthar mo mhàthar, Marguerite. Thàinig sinn don dùthaich seo ann an trèana, thairis air crìochan ceithir dùthchannan, agus an uair sin air bòrd bàta mòr. Chan eil cuimhne agam air an trèana no air a’ bhàta, ach dh’innis m’ athair dhomh mun deidhinn. Agus is e sin a’ chiad rud air a bheil cuimhne agam . . .
leugh tuilleadh / read more

Cainnt na Caileige Caillte
Chual’ i na guthan mus tàinig iad faisg air an uinneig, guth an fhir bhàin agus dà ghuth eile nach do dh’aithnich i. Bha rudeigin ceàrr. Carson a bhiodh am fear bàn a’ tighinn a-steach a-nis? Bhiodh Niall a’ tighinn mun àm seo a h-uile h-oidhche, ’s bha i a’ tuigsinn nach robh sin ceadaichte ’s gum feumadh iad cumail sàmhach . . . leugh tuilleadh / read more

Oidhche gun Ùrnaigh
Air an t-slighe dhachaigh anns a’ chàr, thàinig smaoin ùr a-steach oirre. Chunnaic i ìomhaigh dhith fhèin ’s i aosta, mar a bha Oighrig, còrr air ceithir fichead bliadhna a dh’aois, pian na druim ’s na cruaichnean, a’ dol don eaglais cho tric ’s gun creideadh tu gun robh i a’ fuireach innte, a’ cur suas facal ùrnaigh son a h-uile duine san eaglais, gach fear is tè dhiubh gu pearsanta . . . leugh tuilleadh / read more

An Rathad Dhachaigh
Ceann-suidhe na Ruis, b’ esan as coireach, nan creideadh tu na naidheachdan air an rèidio. Easaonta eadar e fhèin agus ceann-suidhe na Pòlainn … no an e a’ Ghearmailt a bh’ ann? Cha robh e gu diofar co-dhiù. Breugan! Cha robh dad eile ri chluinntinn air na naidheachdan. Breugan agus propaganda an riaghaltais, agus cha robh Ruairidh a’ creidsinn facal dheth . . . leugh tuilleadh / read more

Before the Bridge was Built
Without the bridge, there were two ways to cross to the island, by boat or by wading across the ford, which was passable only at certain times of day and on some days not at all. The thin-faced priest had assumed it would be easy to find a boat, but rumours of his mission had gone before him and the fishermen seemed deaf to his hailing and hollering from the shore … leugh tuilleadh / read more