The Scotsman – 12 Dùbhlachd 2009

Cainnt na Caileige Caillte

Neach-lèirmheis: RAGHNALL MACILLEDHUIBH

Cainnt nam mnathan caillte a’ toirt dhuinn ròic de leughadh

THA Cainnt na Caileige Caillte ‘na thiotal air leth math dhan chiad chruinneachadh de na sgeulachdan goirid aig Alison Lang (Clàr, £8.99). Se th’ ann ach ainm té de na sgeulachdan, far an do lorgadh boireannach òg a chaidh a thogail le madaidhean-allaidh. “Tha i a’ dèanamh … erm … ,” tha aon den luchd-saidheans ag ràdh.

“Tha i a’ dèanamh dè? Fuaimean? Gnòsadaich?”

“Àidh. Rudeigin mar sin. Cha chanainn-sa gur e cainnt a th’ aice.”

Mar a tha an sgeulachd a’ fuasgladh, tha fear-saidheans eile a’ creidsinn gun urra dhi bruidhinn. Nuair tha e ‘na aonar còmhla rithe tha e soilleir gu bheil rudeigin ris an canar gaol eatarra. “Agus rinn i na fuaimean eile. Chan e rùchdan no gnòstan mar a rinn i nuair a bha na coigrich a-staigh, ach crònan agus osnaich aotrom agus briathran, no oidhirp air briathran, a bha coltach ris na fuaimean a dhèanadh e fhèin nuair a bhiodh e a’ bruidhinn rithe.”

Nise ma tha seo gad fhàgail rud beag mì-chomhartail, sin mar tha an cruinneachadh seo air fad. Tha e mar gu bheil an t-ùghdar ag ràdh, “Is tric a tha boireannaich an t-saoghail seo caillte, tha e fìor gu bheil iad ag iarraidh gaol os cionn gach nì eile, ach tha eanchainn aca cho math ri cridhe, agus guth a dh’fheumar éisteachd ris.”

Tha dusan sgeulachd ann. Ged a tha iad uile math chan eil ach cóig aca làn leasaichte. Dh’fhairich mi mun d’ ràinig mi meadhan an leabhair gum b’ fheàrr leam gu robh an t-ùghdar air beagan na bu lugha a dhèanamh dhen fheadhainn fhada ‘s beagan na bu mhotha dhen fheadhainn ghoirid, gu h-àraidh ‘Mar a Fhuair an Cat a Creach’.

Tha tòrr de sgrìobhadh Alison freumhaicht’ ann an saoghal frionasach a’ bhoireannaich òig sa bhaile mhór. Is dòcha mar sin nach e seanair aig nach robh diù a’ choin riamh do Sex and the City air TBh an seòrsa leughadair a tha i ‘g amas air. Ach tha Sex and the City ceart gu leór leamsa ma tha car math ‘na earball a nì rudeigin eile dheth, rudeigin nas motha, ‘s gu tric se sin a tha Alison a’ toirt dhuinn. Eisimpleir shìmplidh se ‘Oidhche gun Ùrnaigh’ far an e an creideamh an car. Measgaich Sex and the City ‘s an Eaglais Shaor agus brag! Seasaibh air ais …

Tha sgeul a’ chait air leth ealanta san dòigh sin ach ro ghoirid. Tha banacharaid an fhir òig san sgeul air a dhol ‘na cat ach an dèan i suas ris. Tha iomadh ceist gun fhreagairt ann. Dé an seòrsa fir a bheireadh air a leannan a dhol cho fada? Eil e mu dheidhinn féin-mhort agus ath-bhreith? Neo ‘na mheatafor son feise? Neo an e mise, mar fhireannach, a tha tiugh?

Se ‘An Treas Tarraing’ bu mhó a chòrd rium. Tha e gluasad air ais ‘s air adhart eadar oifis pàipear-naidheachd ann an Alba agus rathaidean dustach Afraga, ‘s e uil’ ann an ceann ban-naidheachdair nach d’fhuair stòiridh riamh cho math ‘s a fhuair i bho chionn fichead bliadhna san fhàsaich. Cainnt na caileige caillte …

Coltach ris a’ mhórchuid de sgrìobhadairean Gàidhlig an là an-diugh, ged a tha Alison Lang comasach air fealla-dhà (faic td. 156) chan eil i ga chleachdadh tric gu leór. Ao-coltach riutha, anns an fharsaingeachd chan eil i math air crìochnachaidhean. Fhathast.

Tha trì sgeulachdan san leabhar a chaidh a chomiseanadh leis a’ phàipear seo mar sgeulachdan Nollaig. Tha iad sin a’ fàgail Cainnt na Caileige Caillte ‘na thiodhlac Nollaige air leth iomchaidh.