An Aisling

Mar a thachair, cha robh agam an t-seachdain sin ach an triùir a bha air clàradh mar-thà. Fear aosta à Sruighlea a bha air tòrr ionnsachaidh a dhèanamh, thuirt e, ged nach bruidhneadh e a-mach idir, ach a sgrìobh sìos a h-uile rud a thuirt mi ann an sgrìobhadh beag bìodach nach gabhadh leughadh air ais, boireannach mu aois dà fhichead a bhiodh a’ gearan fad an t-siubhail gun robh i fuar no gun robh an solas a’ cur dragh oirre, agus a chuir ceistean orm fad an t-siubhail nach robh a’ buntainn ris a’ chuspair a bha fa-near dhuinn, agus fear òg air an robh feusag is fèileadh coltach ri Braveheart.
“Mel Gibson’s got a lot to answer for,” thuirt mi ri Tom, a’ gabhail cupa cofaidh còmhla ris air an Dimàirt. “Dè thug air an duine ud èideadh mar sin a chur air?”
“A-raoir, shaoil fear de na conference guests againn gun robh esan na entertainment,” thuirt Tom, agus rinn sinn gàire.
“Mo nàire! Tha mi an dòchas nach cuireadh sibh entertainment cho tacky sin air dòigh dhaibh,” arsa mise. “Am biodh tu air Gàidhlig ionnsachadh nan robh fhios agad dè cho craicte ’s a bha an luchd-ionnsachaidh eile, Tom?”
“Bhithinn air càil sam bith a dhèanamh airson Eilidh,” thuirt e, agus chunnaic mi na shùilean gun robh sin fìor.
Cha robh ach dithis sa chlas aig Eilidh, agus bho na chuala mise, bhiodh iad a’ cur seachad a’ chuid as motha den t-seachdain a’ seinn, rud nach ceadaicheadh mo ghuth-sa.
“Why are they singing so much next door?” dh’fhaighnich boireannach nan ceist. “Why aren’t we singing?”
“Carson a tha iad a’ seinn? Carson nach eil sinn a’ seinn?” arsa mise, a’ sealltainn dhaibh a-rithist an clàr a rinn mi – pick-and-mix sentence compilation – a’ taghadh diofar fhaclan às gach colbh.
Sgrìobh bodach Shruighlea rudeigin sìos.
“How do you say …“ thòisich am fear òg.
“Uh-uh!,” thuirt mi. “We’ve done this. Dè … a’ Ghàidhlig … air …?”
“Dè a’ Ghàidhlig air … ’They’ll never take our freedom!’?”
Aig a’ cheann thall, chaidh mi an ath dhoras agus dh’iarr mi air Eilidh Fear a’ Bhàta a theagasg dhaibh.
Bha mi ceart a bhith teagmhach. Mas ann mar sin a bha e gu bhith, cha robh teagasg a’ dol a chòrdadh rium.

What’s this about?
An Aisling (The Dream) is Morag’s account of her friendship with the charismatic but unstable Eilidh. In this excerpt, Eilidh has persuaded Morag to lead a residential Gaelic course at the hotel she and her boyfriend have opened in the Highlands, but the students are eccentric to say the least and it puts Morag off teaching for good.

Ceannaich “An Aisling” an seo / buy a copy of “An Aisling”