Cho Snog ’s a tha thu

Bha a beul tioram, ach cha robh i airson dad a bharrachd òl. Bha iad air a bhith a’ lìonadh a glainne le champagne fad na h-oidhche agus cha robh tomhas aice air cia mheud aonad a ghabh i mar-thà, agus air stamag fhalamh cuideachd. Shuath i a làmhan air sìoda mìn a sgiorta a-rithist. Carson a bha a basan cho fliuch?

Thug i sùil air Daibhidh, ri a taobh, air a ghlacadh leis a’ bhidio a bha a’ tighinn gu crìch air an sgàilean mhòr, ’s a h-uile duine a’ bualadh am basan le fuaim mar an tàirneanach.

‘Agus tha an duais airson app sòisealta na bliadhna a’ dol gu …’

Chuala i guth Dhaibhidh na cluais, cho dlùth ’s gun robh anail blàth air a h-amhaich. ‘Gabh air do shocair!’

Air an àrd-ùrlar, bha am boireannach àrd bàn a’ strì leis a’ chèis-litreach. ‘Mas urrainn dhomh fhosgladh …’

Chluinneadh gàire bheag an siud ’s an seo am measg an luchd-èisteachd, ach mu dheireadh thall rinn i a’ chùis.

‘Tha an duais a’ dol gu Naomi Nic a’ Ghobhainn airson Snog!’

Cinnteach gun robh i a’ dol a chur a-mach, dh’fhairich i teannachadh na stamaig, agus solas na sùilean, agus fad air falbh chunnaic i a h-aodann fhèin air an sgàilean, agus chuala i bualadh, bualadh, bualadh nam basan air feadh an talla.

Anns a’ mhionaid, gun chuimhne aice air càil ach làmh Dhaibhidh fo a h-uilinn agus na daoine aig na bùird eile a’ gluasad air falbh mar an fhairge ga roinneadh fo làimh Mhaois, bha i na seasamh air an àrd-ùrlar a’ coimhead a-mach air na ceudan de dhaoine, a h-uile mac màthar aca sàmhach ’s a’ feitheamh ri òraid.

What’s this story about?
How Nice You Are: Naomi was always the geeky hanger-on at uni, overshadowed by her cool friend Jeni, but now she’s developed SNOG (nice), a social networking app that rewards its users for being nice to one another. SNOG has taken the internet by storm and suddenly Naomi is rich and famous and running a global company, but not everyone is delighted by her success, and it’s just too easy to set up a fake SNOG profile and start making trouble.

Cho Snog ’s a tha thu will be published by Sandstone Press in October 2015.

Blasadan eile / More extracts