San Dùthaich Ùir

Chan eil cuimhne agam air an t-seann dùthaich, an dùthaich san do rugadh mi. Bha mi glè òg nuair a dh’fhalbh sinn, mi fhìn ’s mo phàrantan, mo bhràthair mòr agus piuthar mo mhàthar, Marguerite.

Thàinig sinn don dùthaich seo ann an trèana, thairis air crìochan ceithir dùthchannan, agus an uair sin air bòrd bàta mòr. Chan eil cuimhne agam air an trèana no air a’ bhàta, ach dh’innis m’ athair dhomh mun deidhinn. Agus is e sin a’ chiad rud air a bheil cuimhne agam – a bhith nam shuidhe air an làr agus m’ athair na shuidhe sa chathair mhòr aige a’ coimhead sìos orm, leabhar air choireigin na làimh agus a speuclairean air am putadh suas gu mullach a chinn.

“’S ann air bòrd a’ bhàta a bha sinn,” thuirt e, “agus thàinig seòladair far an robh sinn ’s thug e dhomh ubhal airson do bhràthar Frederick.”

“Carson nach d’fhuair mise ubhal?” dh’fhaighnich mi.

“Bha thusa ro òg aig an àm, m’ eudail,” fhreagair e. “Cha robh fiaclan annad fhathast agus chan b’ urrainn dhut ubhal ithe. ’S tha mi a’ creidsinn nach robh aige ach aon ubhal co-dhiù. Agus thuig mi an uair sin gur e dùthaich mhath a bhiodh ann, ’s gum biodh daoine sàbhailte an seo, ann an dùthaich far an toireadh coigreach an t-aon ubhal a bh’ aige do bhalach beag nach b’ aithne dha.”

What’s this story about?
In the New Country: growing up in an immigrant family, Anna witnesses her parents’ struggle to adapt, torn between the past they can’t forget and the new values they want to instill in their children. But it is glamorous Aunt Marguerite who fascinates the young girl, and it is among Marguerite’s belongings that Anna may eventually discover the history her parents were so reluctant to discuss. This novella is specifically written for Gaelic learners and features chapter summaries and glossaries in English.

Visit Sandstone Press to order San Dùthaich Ùir.

Tuilleadh earrannan / more extracts