An Rathad Dhachaigh

Ceann-suidhe na Ruis, b’ esan as coireach, nan creideadh tu na naidheachdan air an rèidio. Easaonta eadar e fhèin agus ceann-suidhe na Pòlainn … no an e a’ Ghearmailt a bh’ ann? Cha robh e gu diofar co-dhiù. Breugan! Cha robh dad eile ri chluinntinn air na naidheachdan. Breugan agus propaganda an riaghaltais, agus cha robh Ruairidh a’ creidsinn facal dheth.

An robh e cho sìmplidh sin? Na ceudan mìle air falbh, am fear a bha siud a’ cur a chorraig air a’ phutan agus …. pfffft … sin e! Bho chionn fhada an t-saoghail – bho chionn trì fichead bliadhna, no còrr air trì fichead … mus d’ rugadh Ruairidh, co-dhiù – bhiodh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn putan dearg a bha fo chorrag ceann-suidhe eile na Ruis, a dh’adhbhraicheadh spreadhadh atamach agus lèirsgrios an t-saoghail. Ach cha do thachair sin. An cogadh fuar a bh’ aca air … dh’ionnsaich iad sin anns an sgoil. Bha an t-ainm ud fhathast gu math freagarrach.

Putan dearg. Dearg, dubh, purpaidh, cha robh e gu diofar dè an dath a bh’ air. Chaidh a phutadh ’s chaidh an gas dheth. Argamaid eadar aon fhear-poilitigs agus am fear eile, agus bha an Ruiseanach air taobh an iar na Roinn Eòrpa a ghearradh dheth.

Agus cò bha a’ fulang? Cò ach na daoine beaga suarach a bha daonnan a’ fulang! Ach nan creideadh tu na naidheachdan … na guthan sunndach air an rèidio ag innse breug às dèidh breug, fhad ’s a bha na sgeilpeachan falamh sna bùithtean ’s na busaichean gun pheatroil. Agus dè bha an dàn dhaibh a-nis nan robh iad gu bhith gun dealan idir … rud a bha air a bhith gann is cosgail gu leòr thuige seo? Bha Ruairidh cinnteach nach biodh guthan an luchd-rèidio cho sunndach nuair a chaidh iad fhèin dhachaigh gu taigh fuar is suipeir ghann.

Chuala e guth a’ Phrìomhaire a-rithist, san aon agallamh a chluich iad bho chionn deich mionaidean, a’ càineadh Ceann-suidhe na Ruis. Chuir Ruairidh an rèidio dheth, ’son am bataraidh a shàbhaladh.

.

What’s this story about?
The Homeward Road: In a world where fuel supplies are running out, a man makes his weary way home on foot. As he walks,  the sound of a woman’s footsteps guides him through the darkness, home to his sick mother, an empty larder and the prospect of unrelenting struggle. How much longer can he carry on?

Visit the Gaelic Books Council to buy An Claigeann aig Damien Hirst.

Tuilleadh earrannan / more extracts