Oidhche gun Ùrnaigh

Air an t-slighe dhachaigh anns a’ chàr, thàinig smaoin ùr a-steach oirre. Chunnaic i ìomhaigh dhith fhèin ’s i aosta, mar a bha Oighrig, còrr air ceithir fichead bliadhna a dh’aois, pian na druim ’s na cruaichnean, a’ dol don eaglais cho tric ’s gun creideadh tu gun robh i a’ fuireach innte, a’ cur suas facal ùrnaigh son a h-uile duine san eaglais, gach fear is tè dhiubh gu pearsanta, ’s a’ toirt gu mnathan òga a’ choitheanail leabhraichean de dh’ùrnaighean no stiùireadh air dòighean a bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill gu lèir ann am bliadhna, le teacsa ’s mìneachadh airson nam pìosan a bha rin leughadh gach latha. Gun phòsadh, gun teaghlach aice ach muinntir na h-eaglais fhèin, rag na bodhaig ’s na h-inntinn, daingeann na creideamh, bhiodh i a’ sgrìobhadh litrichean brosnachail gu miseanaraidhean air feadh an t-saoghail ’s a’ toirt seachad a h-uile sgillinn a bh’ aice a chùm obair na h-eaglais.

Agus shaoil Diana gur ann mar seo a bha Oighrig ga faicinn-se cuideachd – gun robh i a’ faicinn gun leanadh ise air an aon rathad ’s a bha i fhèin air a shiubhal, no gum b’ urrainn dhi an rathad sin a leantainn nam biodh i deònach. Nam biodh i a’ creidsinn. Uaireannan, nuair a bhiodh Oighrig a’ coimhead oirre no a’ bruidhinn rithe, bha i a’ faireachdainn gun robh a’ chailleach a’ coimhead troimhpe mar nach robh daoin’ eile, mar gum biodh i dearg-rùisgte fo a sùilean, a h-uile peacadh is miann is droch smuain gam faicinn dhi, a h-uile rud a rinn i na beatha, a h-uile rud a thachair le Aonghas … ’S bha i cinnteach gun robh fios aig Oighrig, mus robh fios aice fhèin, gun robh i a’ call a creideimh, ’s gun robh am boireannach cràbhaidh còir duilich air a son.

’S bha Diana fhèin duilich. Duilich son na smaoin sin, a thàinig na ceann gun iarraidh, duilich airson Oighrig, ’s duilich gun robh cudrom a suidheachaidh mar uallach cho mòr air ùrnaighean na caillich, aig an robh liosta fada de pheacaich a bha a cheart cho airidh air a cuid ùrnaighean ’s a bha ise. Agus nan robh àite sònraichte ann an ùrnaighean Oighrig air a son-se is airson Aonghais, bha Diana airson a ràdh rithe, “Na bithibh ag ùrnaigh air mo shon, oir chan eil mi airidh air.” Ach cha b’ urrainn dhi sin a ràdh rithe. Bha an Fhìrinn ag innse nach robh duine seach duine againn airidh air gràs an Tighearna, ach dè bha sgrìobhte ann mu dheidhinn a bhith airidh air ùrnaighean cailleach?

Smaoinich i air ùrnaigh, ’s dè a bh’ ann an ùrnaigh. A bhith a’ cur suas ar n-athchuinge ri Dia, a rèir Leabhar nan Ceist, ag iarraidh nithe a rèir a thoile, ann an ainm Chrìosd, ag aideachadh ar peacaidhean agus a’ toirt buidheachais dha air son a thròcairean. Rud nach b’ urrainn dhi fhèin a dhèanamh tuilleadh, ged a bha freagairt na ceist aice air a teanga. Cha robh i comasach air ùrnaigh a-nis.

.

What’s this story about?
A Night without Prayer: A chance sighting outside an Edinburgh brothel reveals a church elder’s sleazy secret and lays bare the hypocrisy of a male-dominated church establishment. Witnessing this scene is an epiphany for Diana, a gentle and devout young woman traumatised by the violent end to her relationship with the elder’s nephew, as she realises she can no longer rely on the faith that has always sustained her.

Visit the Gaelic Books Council to buy Cainnt na Caileige Caillte.

Tuilleadh earrannan / more extracts