Cainnt na Caileige Caillte

Chual’ i na guthan mus tàinig iad faisg air an uinneig, guth an fhir bhàin agus dà ghuth eile nach do dh’aithnich i. Bha rudeigin ceàrr. Carson a bhiodh am fear bàn a’ tighinn a-steach a-nis? Bhiodh Niall a’ tighinn mun àm seo a h-uile h-oidhche, ’s bha i a’ tuigsinn nach robh sin ceadaichte ’s gum feumadh iad cumail sàmhach, ach bhiodh am fear bàn a’ falbh cho luath ’s a b’ urrainn dha aig deireadh an latha, a’ gearan nam biodh an seann fhear ris an canadh iad am Prof ag iarraidh air fuireach eadhon airson mionaid a bharrachd. ’S cò iad na fir eile seo a bha còmhla ris a-nochd?

Laigh i gun charachadh ’s dh’fhuirich i sàmhach, a’ faicinn solas fann a’ gluasad an siud ’s an seo air a’ bhalla ’s air mullach an t-seòmair. Bha i air solais bheaga mar seo fhaicinn roimhe, an làimh gach duine a bha san sgioba nuair a thàinig iad an oidhche ud, an oidhche a chaidh a glacadh. ’S ged a shaoil i gum biodh i sàbhailte san dorchadas ’s nach lorgadh iad an t-àite san robh i ga falach fhèin, thàinig iad leis na solais ud nan làmhan, ’s bha a h-uile duine ag èigheachd ’s bha na solais a’ dannsa san dorchadas ’s bha i a’ ruith ’s bha iad ga cuartachadh ’s bha an lìon os a cionn ’s eadar a casan ’s cha b’ urrainn dhi faighinn air falbh. Agus an uair sin bha am fear mòr a bha os cionn na sgioba air tighinn far an robh i, ’s i fon lìon, agus chùm e greim oirre air fhalt agus chunnaic i nach robh an solas beag cho fann, oir faisg air làimh bha e cho soilleir ’s gun robh e ga pianadh ’s bha an duine mòr ga chumail gus an robh e a’ deàrrsadh na sùilean, na bu shoilleire na a’ ghrian aig meadhan-latha. ’S ged a dhùin i a sùilean bha e fhathast soilleir, dearg, dearg is buidhe tro a sùilean dùinte, ’s bha na dathan nan dannsa na ceann, ’s chual’ i fad’ às – ged a bha iad, bha fios aice, faisg air làimh – guthan nam fear a bha air a bhith an tòir oirre.

Cha robh cuimhne aice dè a thachair às dèidh sin, gus an do dhùisg i san t-seòmar bheag ghlaiste seo bho chionn … cha b’ urrainn dhi a thomhas dè cho fada ’s a bha i air a bhith ann. San t-seòmar seo cha robh grian no gealach a dh’innseadh dhì an tìde no an ràith. Cha robh ann ach clàr-ama nan daoine a bha ga cumail ann, ’s bha an clàr-ama seo a-nis ga bhriseadh.

.

What’s this story about?
The Lost Girl’s Language: Raised by wolves, or so the locals said, the Lost Girl has been found by a team of scientists and subjected to regular and intrusive examinations. She has grown used to the clandestine night-time visits from Niall, the only lab assistant who understands her attempts at speech. But tonight there are strangers in the building, and they have a different motive for wanting to see her.

Visit the Gaelic Books Council to buy Cainnt na Caileige Caillte.

Tuilleadh earrannan / more extracts