Am Balach Beag a dh’Èisteadh aig Dorsan

An leabhar Gàidhlig às ùire bho Luath Press.

Tha an t-eilean làn de sgeulachdan,
agus tha Tormod gan cluinntinn a h-uile taobh
 dhan tèid e. Cha ghann nach cluinn e mu na saighdearan Ròmanach, còtaichean seunta, agus mu dhaoine air an toirt a thaobh, air neo am bruid, air sgàth an cuid aineolais, agus droch rùn chàich.

Ach, chan e a h-uile càil a tha freagarrach do chluasan òganaich agus cluinnidh Tormod, ’s a chluais ri claisneachd, gu leòr a tha ga chur a rannsachadh mu cò a b’ athair dha, am measg nithean eile. Cluinnidh e sop às gach seid bho
a nàbaidh Ruairidh, a mhàthair is cailleachan na bùtha,
ach chan eil e idir furasta do Thormod bun no bàrr a dhèanamh dheth. Nach fheàrr neoichiontachd na h-òige
na bhith air do bhuaireadh cus le còmhradh a tha am
 beul dhaoine?

Fìrinn no faoinsgeul – cò a dh’aithnicheas?